Clì Gàidhlig

guth luchd-ionnsachaidh

buidheann cothruim is adhartachaidh na gàidhlig

 
Fàilte gu Clì Gàidhlig
Fios mu Chlì
Rèidio Clì
Bùth
Naidheachdan
Ceanglaichean
Dealbhan
Stuth an Asgaidh
Fios gu Clì

Cùrsaichean Chlì Gàidhlig

Bidh sinn a’ cumail chùrsaichean còmhraidh aig diofar ìrean air feadh na h-Alba, mar is trice aig ceann na seachdain. Cuideachd cumaidh sinn cùrsaichean nas fhaide, suas gu còig làithean, a rèir iarrtais.

’S ann spòrsail a tha iad ’s an cudrom air còmhradh. Gheibh luchd-ionnsachaidh deagh theagasg bho thidsearan fiosrachail, is bidh cothrom aca coinneachadh ri luchd-ionnsachaidh eile sa sgìre.

Bidh sinn a’ teagasg chùrsaichean aig na h-ìrean a leanas:

  • A’ Chiad Cheum (fìor luchd-tòiseachaidh)
  • Ceum air Adhart (eadar-mheadhanach ìosal)
  • Coiseachd Ort (eadar-mheadhanach àrd)
  • Ruith gu Luath (adhartach)

Nuair a tha thu a’ smaoineachadh air cùrsa a dhèanamh, tagh an ìre far am fairich thu comhfhurtail ach rud beag air do shìneadh. Tha na clasaichean sùbailte, agus tha cothrom agad gluasad gu ìre eadar-dhealaichte ma thogras tu.


Clioc air a' phutan-toiseachaidh air an taobh
cheàrr gus am bhidio fhaicinn. Tha e a' toirt
mu 30 diogan am bhidio a' luchdachadh sìos.
 

Cùrsaichean Chlì air Faire:

A bheil thu airson dhol air cùrsa? – clioc air Glèidh àite.

Tha manaidsear nan cùrsaichean, Seonag Anderson, toilichte cùrsaichean a chur air dòigh air feadh na h-Alba (no Sasainn) ma tha iarrtas gu leòr ann. Mas aithne dhut luchd-ionnsachaidh gu leòr anns an sgìre agad a bhiodh airson cùrsa a fhrithealadh, cuir fios gu seonag@cli.org.uk, no cuir fòn gu 01463 226710

People enjoying a Cli Gaidhlig courseGood learning, good fun and good company – the tutor was great.”

“The best Gaelic course I have attended –excellent.”

 

Prìsean

Cùrsa là

£25

Cùrsa là –  ball Chlì Gàidhlig

£23

Faighinn sochair cion-cosnaidh

£12

Ball Chlì Gàidhlig faighinn sochair cion-cosnaidh

£10

Cùrsa Gràmair
Tha sinn a’ tabhann cùrsa gràmair dian, 3-5 làithean, do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh adhartaich. Thèid an cùrsa seo a theagasg leis an fhear-naidheachd ainmeil, Ruairidh MacIlleathain. Bidh Ruairidh a’ teagasg gràmar do luchd-craolaidh agus a’ sgrìobhadh Litir do Luchd-ionnsachaidh gach seachdain. ’S urrainn do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh adhartach greim nas fheàrr fhaighinn air gràmar na Gàidhlig agus na sgilean riatanach airson obair ann an saoghal na Gàidhlig a leasachadh.

Aire air Gàidhlig

Air sgàth ’s gun tug Achd na Gàidhlig dleastanasan ùra do bhuidhnean poblach gus a’ chànain a bhrosnachadh, tha e nas riatanaiche gu bheil luchd-obrach nas eòlaiche air buannachdan na Gàidhlig. Bidh Clì a’ toirt seachad “Là Gaelic Awareness” airson bhuidhnean agus daoine air leth a tha airson barrachd ionnsachadh air a’ Ghàidhlig agus a h-ath-nuadhachadh.Bidh an cùrsa seo gad shealltainn carson a tha Gàidhlig cho cudromach ann an Alba agus ciamar as urrainn dhut:

  • “Ciamar a tha thu?” fhuaimneachadh
  • ainmean-àite Gàidhlig a leughadh agus a thuigsinn
  • innse do neach-turais cò às a thàinig a’ Ghàidhlig

Please phone Clì to book the Gaelic Awareness Days

Buidhnean Còmhraidh

Tha buidhnean còmhraidh air leth freagarrach airson luchd-ionnsachaidh a tha airson an Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air ciamar a chuireas tu buidheann còmhraidh air bhonn bho D J MacIntyre, Stiùiriche Chlì Gàidhlig:dj@cli.org.ukno fòn 01463 226710.

Thèid cearcall-còmhraidh a chumail airson fhileantach ’s luchd-ionnsachaidh a h-uile Disathairne eadar 10.00 agus 12.00 ann an Leabharlann Poblach Chùil Lodair, Rathad a’ Cheapaich, Cùil Lodair.