
Bun-sgoil Ghaidhlig Inbhir Nis
Bha Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis air a togail mar phàirt dhen phrògram togail PPP aig Comhairle na Gàidhealtachd, chaidh crìoch a chur oirre anns a’ Chèitean 2007 agus chaidh a fosgladh do sgoilearan anns An Lùnastal 2007. Chaidh an togalach a thogail airson 200 sgoilear a ghabhail le naoi seòmraichean-teagaisg agus àiteachan coitcheann eile. Tha sgoil-àraich innte a ghabhas 30 pàiste anns gach seisean.
Tha talla-sgoile ioma-chleachdadh ann le suidheachan ann an stoidhle taigh-dhealbh agus stiùdio-clàraidh ri thaobh agus tha iad seo fosgailte do chleachdadh na coimhearsnachd.
Chaidh pàirce nan càraichean agus an t-àite leigeil sìos a dhealbhachadh airson ’s gum faod trafaig falbh is tighinn gu sàbhailte. Tha sèomar ghoireasan ann do phàrantan a dh’fhaodas pàrantan a chleachdadh rè latha na sgoile airson an ionnsachadh fhèin.
Chaidh an togalach fhosgladh gu h-oifigeil air 11 Am Faoilleach 2008 leis a’ Bhall Fìor Urramach Ailig Salmond BP BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba. Dh'fhosgail an togalach ur anns an Lunastal 2010.
Tha 125 pàiste anns an sgoil air an t-seisean seo (Am Faoilleach 10) ann an Clasaichean 1 gu 7, ann an sia de na seachd seòmraichean-teagaisg le 65 pàiste, aois 3 agus 4, clàraichte anns an sgoil-àraich. Mar thoradh air iarrtas airson àiteachan ro-sgoile a tha a’ sìor fhàs, agus cùram chloinne fad latha, tha aon de na seòmraichean-teagaisg ga chleachdadh airson seisean sgoil-àraich a bharrachd anns a’ mhadainn (bhon Ghearrran 2008). Mar sin tha a h-uile àite teagaisg ga chur gu feum.
Bun-sgoil Ghaidhlig Inbhir Nis
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, part of the Council’s PPP schools building programme, was completed in May 2007 and opened for pupils in August 2007. The building, with nine classrooms and associated communal space has been designed for a maximum roll of 200 pupils, with the nursery area accommodating 30 children at each session.
The school hall with its theatre style seating and adjoining recording studio is multi-purpose and is available for community use. The car park and drop-off point has been designed to ensure the safe free flow of traffic. A specific feature of the school is a Community room which can be accessed by parents in the course of the school day, in order to facilitate their own learning.
The building was officially opened on 11th January 2008 by The Right Honourable Alex Salmond MP MSP, First Minister of Scotland. The 2 classroom extension opened in August 2010.
The roll in the current session (August 2010) is 137 children in Classes 1 to 7, accommodated at present in six of the seven available classrooms with a further 60 three and four year old children registered for sgoil-àraich provision. The increased demand for pre-school provision, coupled with wrap-around childcare, has resulted in the allocation of one of the existing classrooms to provide an additional morning nursery session from February 08, resulting in all available space being used.
Cuir fios gu:
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
INBHIR NIS
IV2 6BA
Fòn: 01463 725980
Facs: 01463 725985
D-post bsgi@highland.gov.uk
Contact:
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
INVERNESS
IV2 6BA
Phone: 01463 725980
Fax: 01463 725985
Email bsgi@highland.gov.uk